Formulaire de recherche

Ecsodus 10

1Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich a‑steach gu Phàraoh; oir chruadhaich mi a chridhe, agus cridhe a sheirbhiseach, a‑chum gun nochdainn iad sin mo chomharraidhean na làthair:

2Agus gun innseadh tu ann an cluasan do mhic, agus mac do mhic, na nithean a dh’obraich mi anns an Eiphit, agus mo chomharraidhean a rinn mi nam measg; agus gum bi fhios agaibh gur mise an Tighearna.

3Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach gu Phàraoh, agus thubhairt iad ris, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, ag ràdh, Cia fhada a dhiùltas tu thu fhèin ìsleachadh am làthair-sa? Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh:

4Ach ma dhiùltas tu leigeadh lem shluagh imeachd, feuch, bheir mise a‑màireach na lòcaist a‑steach dod chrìochan:

5Agus còmhdaichidh iad aghaidh na talmhainn, air chor is nach urrainn neach an talamh fhaicinn: agus ithidh iad fuidheall an nì sin a thèid as, a dh’fhanas agaibh on chloich-mheallain, agus ithidh iad gach craobh a tha a’ fàs dhuibh as a’ mhachair.

6Agus lìonaidh iad do thaighean, agus taighean do sheirbhiseach uile, agus taighean nan Eiphiteach uile; nì nach faca aon chuid d’athraichean, no athraichean d’athraichean, on là a bha iad air an talamh gus an là‑an‑diugh. Agus thill e e fhèin, agus chaidh e a‑mach o Phàraoh.

7Agus thubhairt seirbhisich Phàraoh ris, Cia fhada a bhios an duine seo na ribe dhuinne? Leig leis na daoine falbh, a‑chum gun dèan iad seirbhis don Tighearna an Dia: nach eil fhios agad fhathast gu bheil an Eiphit air a milleadh?

8Agus thugadh Maois agus Aaron a‑rìs gu Phàraoh: agus thubhairt e riu, Rachaibh, dèanaibh seirbhis don Tighearna ur Dia: ach cò iad a thèid?

9Agus thubhairt Maois, Le ar n‑òigridh agus le ar daoine aosmhor thèid sinn; le ar mic agus le ar buar thèid sinn; oir is èiginn dhuinn fèill a chumail don Tighearna.

10Agus thubhairt e riu, Gu robh an Tighearna mar sin maille ribh, mar a leigeas mise leibh fhèin agus le ur cloinn bhig imeachd: amhaircibh, oir tha olc romhaibh.

11Chan ann mar sin: imichibh a‑nis, sibhse a tha nur daoine, agus dèanaibh seirbhis don Tighearna, oir is e seo an nì a dh’iarr sibh. Agus dh’fhuadaicheadh a‑mach iad à làthair Phàraoh.

12Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sìn a‑mach do làmh thar tìr na h‑Eiphit, airson nan lòcast, a‑chum is gun tig iad suas air tìr an h‑Eiphit, agus gun ith iad uile luibh na talmhainn, eadhon gach nì a dh’fhàg a’ chlach-mheallain.

13Agus shìn Maois a‑mach a shlat thar tìr na h‑Eiphit, agus thug an Tighearna gaoth an ear air an tìr rè an là sin uile, agus rè na h‑oidhche uile: agus anns a’ mhadainn thug a’ ghaoth an ear a‑steach na lòcaist.

14Agus chaidh na lòcaist suas thar tìr na h‑Eiphit uile, agus dh’fhan iad ann an crìochan na h‑Eiphit uile, gu ro‑dhiùbhalach; romhpa cha robh riamh an leithidean de lòcaist, agus nan dèidh cha bhi an leithidean.

15Oir chòmhdaich iad aghaidh na talmhainn uile, air chor is gun do dhorchaicheadh an talamh; agus dh’ith iad uile luibh na talmhainn, agus uile mheas nan craobh, a dh’fhàg a’ chlach-mheallain: agus cha d’fhàgadh nì sam bith glas anns na craobhan, no ann an luibhean na machrach ann an tìr na h‑Eiphit uile.

16An sin ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron le cabhaig, agus thubhairt e, Pheacaich mi an aghaidh an Tighearna ur Dia, agus nur n‑aghaidh-se.

17A‑nis uime sin maith, guidheam ort, mo pheacadh a‑mhàin an uair seo, agus guidhibh air an Tighearna ur Dia gun toir e air falbh uam a‑mhàin am bàs seo.

18Agus chaidh e a‑mach o Phàraoh, agus ghuidh e air an Tighearna.

19Agus thionndaidh an Tighearna gaoth an iar ro‑làidir, a thug air falbh na lòcaist, agus a thilg iad anns a’ mhuir ruaidh: cha d’fhan aon lòcast ann an crìochan na h‑Eiphit uile.

20Ach chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha do leig e air falbh clann Israeil.

21Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sìn a‑mach do làmh gu nèamh, agus bidh dorchadas air feadh tìr na h‑Eiphit, eadhon dorchadas a dh’fhaodar a làimhseachadh.

22Agus shìn Maois a‑mach a làmh gu nèamh: agus bha tiugh-dhorchadas ann an tìr na h‑Eiphit uile rè trì làithean.

23Chan fhaca aon dhiubh a chèile, cha mhò a dh’èirich neach o a àite rè trì làithean: ach bha aig cloinn Israeil uile solas nan àitean-còmhnaidh.

24Agus ghairm Phàraoh air Maois, agus thubhairt e, Rachaibh-se, dèanaibh seirbhis don Tighearna: a‑mhàin fanadh ur treudan agus ur buar; rachadh ur clann bheag mar an ceudna maille ribh.

25Agus thubhairt Maois, Feumaidh tu, mar an ceudna, ìobairtean a thoirt dhuinn, agus tabhartasan-loisgte, a‑chum is gun ìobair sinn don Tighearna ar Dia.

26Agus, mar an ceudna, thèid ar sprèidh maille rinn; chan fhàgar ionga nar dèidh, oir is èiginn dhuinn gabhail dhiubh gu seirbhis a dhèanamh don Tighearna ar Dia; agus chan eil fhios againn cia leis a nì sinn seirbhis don Tighearna, gus an tig sinn an sin.

27Ach chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha leigeadh e leo imeachd.

28Agus thubhairt Phàraoh ris, Imich a‑mach uam; thoir an aire dhut fhèin, na faic m’aghaidh nas mò; oir anns an là sin anns am faic thu m’aghaidh, gheibh thu bàs.

29Agus thubhairt Maois, Labhair thu gu math: chan fhaic mi d’aghaidh nas mò.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index