Formulaire de recherche

Ecsodus 1

1A‑nis is iad seo ainmean chloinn Israeil, a thàinig don Eiphit; thàinig gach duine agus a theaghlach maille ri Iàcob:

2Reuben, Simeon, Lèbhi, agus Iùdah,

3Isachar, Sebulun, agus Beniàmin,

4Dan, agus Naphtali, Gad, agus Aser.

5Agus na h‑anaman uile a thàinig a‑mach à leasraidh Iàcoib, bu deich agus trì-fichead anam iad; oir bha Iòseph anns an Eiphit cheana.

6Agus fhuair Iòseph bàs, agus a bhràithrean uile, agus an ginealach sin uile.

7Agus bha clann Israeil sìolmhor, agus dh’fhàs iad gu mòr, agus rinneadh lìonmhor iad, agus chinn iad ro‑chumhachdach; agus lìonadh an tìr leo.

8A‑nis dh’èirich rìgh ùr air an Eiphit, do nach b’aithne Iòseph.

9Agus thubhairt e ra shluagh, Feuch, tha sluagh chloinn Israeil nas lìonmhoire agus nas cumhachdaiche na sinne;

10Thigibh, buineamaid gu seòlta, air eagal gum fàs iad lìonmhor, agus gun tachair e, nuair a dh’èireas cogadh, gun gabh iadsan mar an ceudna le ar naimhdean-ne, agus gun cog iad nar n‑aghaidh, agus gun tèid iad a‑mach as an tìr.

11Uime sin chuir iad maighistirean-obrach orra, a‑chum an sàrachadh len eallaichean. Agus thog iad bailtean-ionmhais do Phàraoh, Pitom agus Rameses.

12Ach mar as mò a shàraich iad iad, is ann as mò a rinneadh iadsan lìonmhor agus a dh’fhàs iad. Agus bha iad fo dhoilgheas airson chloinn Israeil.

13Agus thug na h‑Eiphitich air cloinn Israeil seirbhis a dhèanamh le cruas:

14Agus rinn iad am beatha searbh dhaibh le daorsa chruaidh, ann am mortar, agus ann an clachan-creadha, agus anns gach gnè obrach anns a’ mhachair: bha an obair uile, anns an tug iad orra obair a dhèanamh, le cruas.

15Agus labhair rìgh na h‑Eiphit ri mnathan-glùine nan Eabhraidheach (b’e ainm aoin dhiubh Siphrah, agus ainm na tè eile Puah);

16Agus thubhairt e, Nuair a nì sibh gnìomh mnà-glùine do na mnathan Eabhraidheach, agus a chì sibh iad air na stòlan; mas mac a bhios ann, an sin marbhaidh sibh e, ach mas nighean a bhios ann, bidh i beò.

17Ach bha eagal Dhè air na mnathan-glùine, agus cha do rinn iad mar a dh’àithn rìgh na h‑Eiphit dhaibh, ach ghlèidh iad a’ chlann-mhac beò.

18Agus ghairm rìgh na h‑Eiphit air na mnathan-glùine, agus thubhairt e riu, Carson a rinn sibh an nì seo, agus a ghlèidh sibh a’ chlann-mhac beò?

19Agus thubhairt na mnathan-glùine ri Phàraoh, A chionn nach eil na mnathan Eabhraidheach mar na mnathan Eiphiteach: oir tha iad fhèin beothail, agus air an asaid mun tig na mnathan-glùine a‑steach dan ionnsaigh.

20Uime sin, bhuin Dia gu math ris na mnathan-glùine: agus rinneadh an sluagh lìonmhor, agus dh’fhàs iad ro‑chumhachdach.

21Agus a chionn gu robh eagal Dhè air na mnathan-glùine, rinn e taighean dhaibh.

22Agus thug Phàraoh àithne da shluagh uile, ag ràdh, Gach mac a bheirear, tilgidh sibh anns an abhainn; agus gach nighean gleidhidh sibh beò.

Am Bìoball Gàidhlig 1992

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

More Info | Version Index